A’ strì son cridhe na Gàidhealtachd
Ach tha strì làidir fhathast eadar PNA ’s na Lib-Deamaich air a’ Ghàidhealtachd ’s eadar na Làbaraich agus PNA sna h-Eileanan Siar. Agus dh’fhaodadh na pàrtaidhean eile bhòtaichean a chumail bho na prìomh fharpaisich sna rèisean sin.
Ann an Ros, an t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abar tha Ian Blackford bho PNA a’ feuchainn ris a’ ghnothach a dhèanamh air Tèarlach Ceanadach, a tha air bhith ’na BhP Lib-Deamach son na sgìre fad còrr agus 30 bliadhna. Fhuair an Ceadanach 52.6 as a’ cheud den bhòt (18,335) an turas mu dheireadh, le PNA san treas àite le 15.1 as a’ cheud (5,263). Mar sin ged a tha iomairt PNA aig àirde ’s an sruth leotha, feumaidh gluasad mòr a bhith ann gus an tig an latha le Blackford.
Advertisement
Hide AdDh’iarr sinn air tagraichean on roinn-pàrlamaid chudromach seo innse dhuinn dè dhèanadh am pàrtaidh aca dhan Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan. Thuirt Ian Blackford (PNA): “Se aon de na rudan as motha a dh’fheumas sinn dèiligeadh ris air a’ Ghàidhealtachd, ceanglaichean. Co-dhiù a thathar a’ dèanamh ceangal tro chòmhdhail no teicneòlas didseatach, tha feum againn air leasachadh a dhèanamh air na dòighean a th’ againn ceangal a dhèanamh ri càch. An-dràsta tha sinn a’ fulang le ana-cothrom a thaobh sin. Tha mi air son leasachaidhean fhaicinn a thaobh astar a’ bhuinn-leathainn agus goireasan-sgaoilidh fònaichean-làimhe. Cuideachd, tha mi air son gun dèilig sinn ris na cosgaisean a bharrachd a tha tighinn oirnn air a’ Ghàidhealtachd son dealain agus cumhachd.
“Tha sinn cuideachd ag iarraidh croitearan ’s tuathanaich a chuideachadh. Agus bhruidhinn Comisean Mhic a’ Ghobhainn air tuilleadh chumhachdan a thaobh Oighreachd a’ Chrùin, ach chan fhacas adhartas mar a tha sinn ag iarraidh an sin fhathast. Tha mise air son gum bi coimhearsnachdan ionadail iad fhèin a’ faighinn buannachd bho phrothaidean bhuaipe, chan e dìreach gum biodh airgead bho Oighreachd a’ Chruin a’ dol gu Riaghaltas na h-Alba an Dun Eideann ach gum faigheadh coimhearsnachdan ionadail cothrom air.”
Thuirt Teàrlach Ceanadach: “Se an roghainn as motha th’ aig daoine, cò tha iad ag iarraidh mar BhP ionadail? Air son an obair seo feumaidh sibh a bhith comasach air co-dhùnaidhean ciallach a dhèanamh, a bhith treibhdhireach, earbsach agus feumaidh co-fhaireachadh a bhith agaibh air son daoine àbhaisteach air a’ Ghàidhealtachd.Leis an eòlas a th’ agam, tha sin uile fìor mu mo dheidhinn. Tha coimhearsnachdan Gàidhealach air a bhith fulang ri linn mar a tha Riaghaltas an SNP air a bhith cruinneachadh cumhachd gu meadhan na dùthcha. Tha liosta nan nithean air a bheil smachd againn aig ìre ionadail a’ sìor fhàs beag. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum faigh ceann a-tuath na h-Alba tuilleadh chumhachdan. Sin a dhèanainn-sa mar phàirt de ‘Sgioba na Gàidhealtachd’ san ath phàrlamaid.
“Nì mi strì air son cùisean a bheir buaidh air ar beatha gach latha. Feumar barrachd a chosg air a’ bhann-leathann air a’ Ghàidhealtachd, air rathaidean, agus thar gach nì eile, feumaidh maoineachadh iomchaidh bhith ann air son Seirbheis na Slàinte.”
Bha tagraiche nan Tòraidhean, Lyndsay NicCaluim, cuideachd ag ràdh nach robh daoine toilichte mar a bha cumhachdan agus seirbheisean air an toirt air falbh bho sgìrean dùthchail, gu Inbhir Nis agus Dùn Èideann. “Tha sinn air gealltainn taic a chur ri bann-leathan glè luath air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan, gus am biodh e còmhdach 95 per cent den sgìre. Tha sinn cuideachd ag iarraidh gum bi tuilleadh bhusaichean agus seirbheisean bus a bha nas cunbhalaiche. Agus tha sinn air son gum bi tuilleadh thaighean ann aig prìs reusanta.”
Thuirt Anna NicThòmais on Phàrtaidh Uaine: “Tha sinne taiceil do dhaoine, dhan phlanaid ’s do shìth, ’s tha sinn an aghaidh ghearraidhean ri linn an teannaid a bheir buaidh air daoine bochda aig àm nuair a tha mòr-chompanaidhean ’s daoine beartach a’ seachnadh chìsean. Tha sinn son coimhead as dèidh na planaid air son a’ ghinealaich seo agus na ginealaichean ri teachd.”
Advertisement
Hide AdAgus thuirt Chris Conniff (Làbar): “Tha sinn air son cur ás do bhochdainn connaidh air a’ Ghàidhealtachd. Nì sinn ath-leasachadh air margaidh a’ chumhachd. Agus tha mi air son dèiligeadh ris an surcharge a th’ aig daoine ionadail ri pàigheadh an seo air son cumhachd.
“Cuidichidh sinn daoine le àrdachadh air a’ bhun-thuarastal ’s le ‘Tuarastal air an Tig Daoine Beò’. Nì sinn cinnteach á peinnseanan. Nì sinn cinnteach gum faigh daoine cothrom na Fèinne air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan.”
Advertisement
Hide AdB’ e am prìomh phuing aig Philip MacAnndrais (UKIP) gum bu chòir do Bhreatainn tarraing ás an Aonadh Eòrpach, agus gun toireadh sin tòrr a bharrachd airgid dhuinn ri chosg oirnn fhìn. Cuideachd bha e dhen bheachd gum bu chòir tuilleadh chumhachdan a bhith aig ùghdarrasan ionadail, an àite a bhith toirt nan cumhachdan aca air falbh.
Bidh fios againn Di-Haoine sa tighinn cò na h-argamaidean a thug buaidh, agus cò bhios gar riochdachadh son nan ath chòig bliadhna. Se ceist eile a th’ ann, cò bhios gar riaghladh?