Boinne ann am beul na gaoithe
Am measg an luchd-teagaisg a chaidh fhastadh le Comhairle nan Eilean Siar am-bliadhna, chan eil ach aon le Gàidhlig. ’S fheudar nach cuala iad gu bheil foghlam Gàidhlig a’ fàs.
• BIDH nobhail ùr, An Nighean air an Aiseag le Aonghas Pàdraig Caimbeul, air fhoillseachadh nas fhaide dhen mhìos seo ann an dà chruth, Gàidhlig agus Beurla.
Advertisement
Hide Ad• Thuirt Riaghaltas Westminster gum bi am Mèile Rìoghail air a reic an ceann beagan sheachdainean. Tha móran ag ràdh gun téid prìsean suas, gum bi dreuchdan air an call, ’s gun téid seirbheisean ann an sgìrean dùthchail nas miosa.
• Chosg Mark Stiùbhart, 44, á Fìobh, mu £20,000 a’ dìon an taigh aige sa Cheannmhor bho Chomhairle Pheairt ’s Cheann Rois. Bha am mullach 5 òirlich na b’ àirde na bha iad ag iarraidh.
• Thuirt am BPE Seòras Lyon gum bu chòir dhan Riaghaltas airgead na Gàidhlig a thoirt a-mhàin do sgìrean far a bheil dualchas Gàidhlig ann. Cha tuirt e có na sgìrean a bha ’na inntinn.
• Bhuannaich Dùn Éideann an cùmhnant air son Ionad Nàiseanta Dèanadas Spòrs fhaighinn. Théid fhosgladh aig Riccarton Campus, Oilthigh Heriot Watt, ann an 2016.