Seann bhreugan, breugan ùra
Seachdain eile ann am poileataigs a bha sònraichte air son breugan, a’ gabhail a-staigh rudan nach robh idir fìor cho math ri briathran nach robh fìor ach ann an seagh suarach.
Thuirt breitheamhan gu bheil cùis aig Alistair Carmichael ri fhreagairt, a dh’aindeoin ’s gun robh móran de luchd an Aonaidh leis an Làbarach mhór Brian Wilson a thuirt roimhe nach robh MacGilleMhìcheil ach caran “cearbach”.
Advertisement
Hide AdSaoil an robh Jeremy Corbyn cearbach no ciontach nuair a thuirt e air prógram Andrew Marr Di-Dòmhnaich sa chaidh gur e an SNP a chuir na rathaidean iarainn ann an làmhan prìobhaideach? Nach eil fios aig a h-uile gur e Westminster fo na Tóraidhean a rinn sin ann an 1993? Chualas catalog de chasaidean eile an aghaidh an SNP aig a’ Cho-Labhairt Làbaraich anns nach robh gliong na fìrinne.
Dh’fhaighnich Lesley Riddoch san Albannach agus Gavin Newlands san National – an e sin blasad den “phoileataigs ùr” a gheall Corbyn don mhórchuid de Làbaraich a bhòt air a shon?
Bha againn ri dhol, mar as àbhaist, gu Wings Over Scotland air son mìneachadh mionaideach air briathran Chorbyn, – ged as ann le fear Stuart Caimbeul a tha an làrach, duine a tha ro dheònach ionnsaighean mì-reusanta nimheil a dhèanamh air a’ Ghàidhlig fhad ’s a tha e a’ rùraich na fìrinne air cuspairean eile.
Ach chuala sinn a’ bhreug bu mhotha Di-Haoine a dh’aindeoin ’s gun do thachair tachartas uabhasach eile air campus Ameireaganach. “Cha mharbh gunnaichean daoine – marbhaidh daoine daoine”.
Tha sin fìor gu leòr, ach se breug a th’ ann.