Toirt na Nollaig dhan Eòrpa an-Ear
Dh’fhaodadh rudeigin gu math beag a bhith ciallachadh tòrr dha na daoine sin, agus sin an dearbh smuain a tha air cùl na h-iomairt a bhios aig Cùram Bylthswood, buidheann-carthannais Chrìosdail, a h-uile bliadhna aig àm na Nollaige. Bidh iad ag iarraidh air daoine bogsaichean-bhrògan a thoirt dhaibh a tha air an lìonadh le tiodhlacan beaga, leithid dèideag bheag, peansailean, suiteas, siabann ’s mar sin air adhart. Bidh iad an uair sin gan cur a-null thairis gu daoine bochda ann an dùthchannan mar Rumàinia, an Ungair, Bulgàiria, Albàinia, Kosobho, Searbia ’s an Ugràin. “Thòisich sinn na bogsaichean ann an 1993,” tha Fionnlagh MacCoinnich a’ mìneachadh. “Chuir sinn mu 400-500 bogsa a-null thuca sa bhliadhna sin.
“Dh’fhàs e bhon uair sin. Bidh sinn ag amas air eadar 120,000 agus 130,000 bogsa a chur a-null thairis gach bliadhna a-nis. Tha sinn air 1.5 millean bogsa a lìbhrigeadh bhon a thòisich sinn.”
Advertisement
Hide AdGed a tha cuid de na dùthchannan anns am bi Blythswood ag obair san Aonadh Eòrpach, a rèir Fhionnlaigh tha pàirtean dhiubh fhathast gu math bochd: “Se fìrinn na cùise gu bheil tòrr de na daoine ann an Taobh Sear na Roinn Eòrpa fhathast cho bochd ’s a bha iad mun àm a thuit na riaghaltasan Comannach. Tha an crìonadh econamach air droch bhuaidh a thoirt orra, ’s uaireannan tha iad nas miosa dheth na bha iad fiùs an uair sin. Nan seallainn dealbhan dhut bho nuair a bha sinn a’ lìbhrigeadh bhogsaichean san Ungair o chionn bliadhna no dhà, shaoileadh tu gur e Rumàinia no Moldòbha a bh’ ann, ach cha b’è.
“Tha Budapest fhèin gu math goireasach, tha a h-uile rud a dh’iarradh tu ann. Ach chan fheum thu a dhol ro fhada gus am faic thu fìor bhochdainn. Bha sinne ann an taighean san Ungair an-uiridh ’s bha am mullach a dhìth orra, cha robh ann ach plastaig sna h-uinneagan aca. Sin na daoine air a bheil sinn ag amas leis na bogsaichean, daoine aig nach eil mòran sam bith.”
Aon teaghlach aig nach eil mòran se an teaghlach aig Svetlana, màthair le triùir chloinne a tha a’ fuireach san Ugràin. Thuirt Tanya Shpigunova bho “Global Action – Ugràin”: “Tha triùir chloinne aig Svetlana, agus an gille as òige aice 8 mìosan. Tha an duine aice sa phrìosan agus nuair a thuit an t-Aonadh Soviet chaill i a cairt-siubhail ’s chan urrainn dhi saoranachd Ugràineach a thoirt a-mach. Gun chead-siubhail chan eil còraichean idir aice. Chan fhaigh i obair no àite fuirich. Tha i a’ fuireach ann an taigh beag nach eil idir freagarrach mar àite-còmhnaidh. Chan eil ann ach aon rùm a tha gu math fuar, far am bi an teaghlach ag ithe, a’ cadal ’s gan nighe fhèin.
“Bha na tiodhlacan a fhuair iad ’nan cuideachadh mòr. Bha i cho toilichte siabann agus rudan eile fhaighinn son an leanaibh. Tha cruaidh fheum aice air nith-ean mar sin. Chòrd na preusantan gu mòr ris a’ chlann ’s bha an gille beag air a bheò-ghlacadh leis na teadaidhean ’s na leabhraichean dathte a fhuair iad.
“Tha e iongantach nas urrainn do dhuine a chur ann an aon bhogsa. Agus se as cudromaiche buileach dha na daoine a gheibh na bogsaichean seo, gun robh cuideigin a’ smaoineachadh orra.”
Mar a tha Fionnlagh ag ràdh, bidh Blythswood agus na buidhnean leis a bheil iad ag obair a’ toirt seachad bogsaichean do dhaoine òga ’s daoine nas sine, ’s gach aois a’ dèanamh toileachas mòr ris na gheibh iad.
Advertisement
Hide Ad“Tha aon sgeulachd inntinneach ann,” tha Fionnlagh ag innse dhomh. “Chan eil mi cinnteach an e na bogsaichean againne a bh’ ann, no bogsaichean bho bhuidheann eile. Co-dhiù, bha aon bhliadhna ann ’s bha an gille òg a bha seo a fhuair bogsa ’s nuair dh’fhosgail e e, cha robh ann ach stocainnean, tòrr phaidhrichean de stocainnean ùra.
“Nuair a chunnaic na daoine dè bh’ anns a’ bhogsa, chaidh iad a dh’iarraidh fear eile. Ach cha robh an gille beag son am bogsa aige a thoirt seachad idir. Agus an uair sin chaidh innse dhaibh gu robh rudeigin ceàrr air na casan aige ’s cha b’ urrainn dha ach stocainnean a chur air. Nise cha robh fhios aig duine ciamar a bha bogsa ann a bha làn stocainnean no ciamar a fhuair an gille beag e, ach mar thachair, sin an dearbh rud a bha dhìth air!”
Advertisement
Hide AdBidh na làraidhean mu dheireadh aig Blythswood a’ falbh an-dràsta a-null chun an ear, feuch am faigh na daoine air a bheil feum dha-rìribh air tiodhlac Nollaige rudeigin a bheir togail-cridhe dhaibh ’s a chuireas ’nan cuimhne gu bheil daoine ann, nach aithne dhaibh idir, a tha a’ smaoineachadh orra. Nach prìseil an tiodhlac a thig bho choigreach, ’s nach mòr an toileachas a thig á bogsa.