Afghanaich ann an Leòdhas na adhbhar smaoineachaidh, tha Murray MacLeòid ag ràdh

Nuair a chuir Frishta Matan, a piuthar agus a teaghlach cas air raon-laighe port-adhair Steòrnabhaigh, b' e uisge agus gaoth a bha gan coinneachadh. Ach, cha do chuir sin càil a' mhaill air a' ghàirdeachas a dh’fhairich iad, saorsa is sàbhailteachd cho follaiseach air an aodainnean agus an gàireachan.
An teaghlach Afghanach ann an Leòdhas còmhla ri Iain is Lorna NorgroveAn teaghlach Afghanach ann an Leòdhas còmhla ri Iain is Lorna Norgrove
An teaghlach Afghanach ann an Leòdhas còmhla ri Iain is Lorna Norgrove

[English-language version below]

Às dèidh dà mhìos, fhuair iad air teicheadh bho Kabul agus brùidealachd an Taliban agus seo iad a-nis mìltean air falbh ann an saoghal eile. A’ feitheamh riutha aig a’ phuirt-adhair bha Iain is Lorna Norgrove, a rinn strì mhòr airson an toirt gu sàbhailteachd.

Cha b’ urrainn dhan t-saoghal a dh’fhàg iad agus dhan t-saoghal ùr man coinneimh a bhith na b' eadar-dhealaichte. “B’ fheàrr leam an t-uisge na an Taliban,” thuirt Frishta. Anns na beagan faclan sin, tha sgeulachd mhòr.

Hide Ad
Hide Ad

Tha Frishta, Farzana agus an teaghlach fortanach. Tha gu leòr a dh’fhàg iad air an cùlaibh nach eil. Bha an dà phiuthar ag obair dha Caidreachas Norgrove, a chaidh a chur air chois mar chuimhneachan air nighean Iain is Lorna, Linda, a bha ag obair anns an dùthaich nuair a chaochail i.

Leis gun robh iad ag obair dha buidheann dhen t-seòrsa sin, bha am beatha ann an cunnart bhon Taliban. Ged a bha iad air liosta airson faighinn a-mach às an dùthaich, leis an troimh-chèile a bha a’ dol, cha deach aca air a dhèanamh agus dh’fheumadh iad falach ann an taigh-òsta fad sheachdainean gus am faigheadh buidheann-chathrannais air cùisean a chur air dòigh. Fàd na h-ùine sin, bha dearg eagal am beatha orra gum faigheadh an Talbian sgeul orra; fuaim nan gunnaichean a’ dol a h-uile là mar chomharra air an t-seòrsa beatha a dh’fhaodadh a bhith a’ feitheamh riutha.

Chan urrainnear an làn sgeulachd air mar a fhuair iad a-mach innse ach tha e a’ gabhail a-staigh Oifis nan Dùthchannan Cèin, Feachdan Aimeireagaidh agus tè ghniomhachais aig a bheil ceangal ris na h-eileanan.

Ach, math ‘s gu bheil an sgeulachd seo, tha e na chuimheachan air na dh’fhàg iad air an cùlaibh; an iomadach caileag comasach geur, mar Frishta is Farzana, a tha a-nise beò fo bhruidealach; an gòraiche eagalach a dh’fhàg air an airm cùl a chùr ri dùthaich a bha fhathast cugallach is aimhreiteil.

Bhon as e an fhìrinn nach d’ fhuair ach glè bheag air teicheadh agus mar as fhaide a tha an ùine a’ dol seachad, gur ann as lugha a tha an cothrom a’ fàs dhaibh.

Tionndaidhidh aire an t-saoghail air falbh bho Afghanistan, agus tha e air tòiseachadh mar-thà. Dè an uair sin dhan Taliban agus an ìomhaigh a tha air a bhith ga toirt seachad g’ eil iad air atharrachadh?

Tha Iain agus Lorna Norgrove air a ràdh g’ eil iad a’ dol a chumail a’ dol le obair a’ chathrannais , cho fad ’s a ghabhas. Cha leig sin a leas ìongnadh a chur air duine. Bho chaill iad an nighean ann an 2010, tha iad air a bhith nan ìongnantas.

Bha am fiosrachadh a bh’ air an eadar-lìon air cò dha a thug iad cuideachadh air a thoirt sìos airson adhbhran sàbhailteachd ach b’ ann san Ògmhios a dh’innis iad gun do chuir 1,700 boireannach tagradh thuca airson cuideachadh foghlaim – an ceathrad uiread ’s a chuir a' bhliadhna ron a sin.

Hide Ad
Hide Ad